1 results found for: “US_Military”.

Request time (Page generated in 0.2827 seconds.)

Joe Biden

Medal  (15 dhen Chèitean 2016) Nishan-e-Pakistan Time 100  (2021) Cross of Military Merit : Volodymyr Zelensky  (21 dhen Dùbhlachd 2022) Time 100  (2022) Walk...

Last Update: 2024-05-02T19:15:01Z Word Count : 288

View Rich Text Page View Plain Text Page

Main result

Joe Biden

Is e Joe Biden ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte às dèidh dha an taghadh 2020 a bhuannachadh mar an tagraiche Deamocratach agus Kamala Harris na tagraiche airson iar-cheann-suidhe. Air 20mh am Faoilleach, 2021, Latha a' Choisrigidh, chaidh e na 46mh cheann-suidhe na dùthcha. Rugadh Biden ann an Scranton, Pennsylvania 20mh an t-Samhainn, 1942, agus chaidh a thaghadh don t-Seanadh ann an 1972 airson Delaware. Bha e na iar-cheann-suidhe anns an riaghaltas Bharack Obama bho 2009 gu 2017. A thaobh poileasaidhean, troimh na bliadhnachan, tha ùidh air a bhith aige ann an dìon na h-àrainneachd, dìon luchd-caitheimh, cunntachalachd riaghaltais, agus eadar-nàiseantachd. Fad nam bliadhnachan a bha e san t-Seanadh, ghabhadh e an trèana eadar Washington, D.C. agus an dachaidh aige ann an Delaware, gus am b' urrainn dha bhith leis an teaghlach aige - turas 90 mionaidean gach rathad. Ach bha cùisean muladach anns a' bheatha aige - chaidh a bhean agus nighean a mharbhadh ann an tubaist càr ann an 1972, agus shiubhail a mhac le aillse na h-eanchainn ann an 2015. Dh'ath-phòs e ann an 1977 Jill Jacobs, a bha na tidsear. 'S e Caitligeach a th' ann am Biden, agus esan an dara ceann-suidhe Caitligeach às dèidh Kennedy. 'S ann à Èirinn a bha na sinnsearan aige.


© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search