Beurla

Beurla
English
Far a bheil i 'ga bruidhinn
Luchd-labhairt iomlan

360–400 millean bho thùs, 400 millean eile gu fileantach[1]

Reangach 3 (fileantach bho dhùthchas), 1/2 (iomlan)
Teaghlach-chànan

Cànan Ghearmailteach

Siostam-litreachaidh Aibidil Laideannach
Còdan Cànan
ISO 639-1 en
ISO 639-2 eng
ISO 639-3 eng
Roinnean far a bheil Beurla ga bruidhinn

Is cànan Gearmailteach a tha ann am Beurla (English) mar a tha Duitsis, Gearmailtis agus cànanan Lochlainn msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-saoghal; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sa chruinne an dèidh Sìonais (1mh) agus Hindi (2na); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh na Spàinntis. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nan Dùthchannan Aonaichte, còmhla ri Fraingis.

  1. Crystal, David (2002): Language Death. Cambridge University Press. ISBN 978-1-139-10685-6. doi:10.1017/CBO9781139106856. Air a thogail 25mh dhen Ghearran 2015. 

© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search