Glaschu

Glaschu
Glesga
Glasgow
Bratach a' bhaile Gearradh-arm
no Seula

Seallaidhean air Glaschu
Suidheachadh
Glaschu is located in Alba
Glaschu
Glaschu (Alba)
Dùthaich Alba
Co-chomharran 55° 51′ Tuath
4° 15′ Iar
Comharradh-clèithe NS590655
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 3,298 km²
Àireamh-shluaigh 580,690 (2007)
Dlùths 176.07/km²
Àireamh fòn 0141
Duilleag oifigeil Comhairle Baile Ghlaschu

'S e am baile as motha ann an Alba a th' ann an Glaschu [IPA: ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] (Beurla: Glasgow, a' Bheurla Ghallta: Glesgie no Glesca[1]) ged as e Dùn Èideann prìomh-bhaile na dùthcha.

'S e fear de na 32 ùghdarrasan ionadail ann an Alba a tha ann. Tha freumhan an ainm stèidhichte air glas + cu, a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' Bhriothannais.[2][3] Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air Abhainn Chluaidh ann an Srath Chluaidh. Chaidh a stèidheachadh anns an 6mh linn leis an Naomh Mungan (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' chathair-eaglais (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an-diugh.

Tha an dàrna oilthigh as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha An Dàrna Cathair san Ìompaireachd ("The Second City of the Empire") air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich leas-gnìomhachas, m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh làn-thoradh dùthchail gach pearsa nas motha anns an Rìoghachd Aonaichte dìreach ann an Lunnainn agus Dùn Èideann.[4] Chaidh an STUC a stèidheachadh an seo ann an 1897.

  1. Glesca prop n.”. Dictionary of the Scots Language. Air a thogail 23mh dhen t-Sultain 2017.
  2. Mac an Tàilleir, Iain (2003): “Ainmean-Àite”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 10mh dhen Ghearran 2017 (pdf).
  3. Glasgow/Glaschu”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen Mhàrt 2023.
  4. Edinburgh UK's second most prosperous city. An t-Albannach, 3 an Cèitean 2005.

© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search