Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird | |
1868[1] | |
Fiosrachadh | |
Buill | 5.8 muillean |
Cleamhnachadh | ITUC |
Daoine | Proinnsias Ní Ghrádaigh |
Oifisean | 23 Great Russell Street, Lunnainn WC1B 3LW |
Dùthaich | Alba Sasainn A' Chuimrigh |
Làrach-lìn | https://www.tuc.org.uk/ |
'S e aonad nàiseanta nan aonaidhean-ciùird ann an Alba, Sasainn agus A' Chuimrigh a th' ann an TUC (ainm slàn: Trades Union Congress, Gàidhlig: Mòr-dhàil nan Aonaidhean-ciùird). Bidh an TUC a' riochdachadh mòr-chuid nan aonaidhean-ciùird ann am Breatainn. Chaidh a chruthachadh ann am Manchester ann an 1868.[2] Bhris an STUC bhon TUC ann an 1897 air sàilleabh gu robh cuid a dhaoine mì-thoilichte leis na bha an TUC a' deanamh a thaobh riochdachadh nan luchd-obrach anns a' Pharlamaid.[3] Aig an ìre seo tha 51 aonaidhean-ciùird air an cleamhnachadh ris - EIS, UNISON agus UNITE nam measg - is iadsan a' riochdachadh mu 5.8 muillean duine uile gu lèir. Thathar ag ràdh gur e guth nan luchd-obrach ann am Breatainn a th' anns an TUC. 'S e Proinnsias Ní Ghrádaigh a tha na àrd-rùnairean a-nis.[4] 'S ann ag amas air iomairtean le ìomhaigh àrd a chuir air dòigh, is e a' strì airson amasan agus beusan nan aonaidhean-ciùird. A bharrachd air sin, bithear a' cuideachadh aonaidhean-ciùird a thaobh fhastadh buill, a bhith nas èifeachdaiche agus ag obair an aghaidh chonnspairn eadar aonaidhean-ciùird agus airson dlùth-phàirteachas.
© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search