Cead-dealbhachaidh

Taighean ùra gan togail. Bha cead dealbhachaidh a dhìth airson sin, agus bheireadh a’ Chomhairle Ionadail seachad e le cumhaichean

’S e cead-dealbhachaidh (no “cead-dealbhaidh”, no “cead-planaidh”) (Beurla: planning-permission) an cead a tha a dhìth ann am Breatainn bhon chomhairle ionadail airson iomadh seòrsa leasachadh ùr, mus gabh obair-togail a dhèanamh no togalach no talamh a chur gu feum ùr. Sna suidheachaidhean sin feumar iarrtas-dealbhachaidh a chur chun na comhairle ionadail a’ mìneachadh dé bhios anns an leasachadh ùr agus càite am bi e. Théid an t-iarrtas an uair sin a shanasachd agus faodaidh neach sam bith no buidheann sam bith beachd a chur a-steach m’a dheidhinn.


© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search