2 results found for: “EU_Politics”.

Request time (Page generated in 0.3415 seconds.)

Gheorghe Gheorghiu-Dej

Apostol - Eu și Gheorghiu Dej, Ediție de casă, 1998 Tismaneanu, V, The Tragicomedy of the Romanian Communist Party, East European Politics and Societies...

Last Update: 2021-08-07T16:15:25Z Word Count : 289

View Rich Text Page View Plain Text Page

Dàibhidh Camshron

11mh dhen Chèitean 2018. “Brexit: David Cameron to quit after UK votes to leave EU” (Beurla), BBC. 24mh dhen Ògmhios 2016. Air a thogail 13mh dhen t-Sultain...

Last Update: 2023-11-15T08:25:40Z Word Count : 360

View Rich Text Page View Plain Text Page

Main result

Gheorghe Gheorghiu-Dej

B' e dealanair, neach-poileataigs agus deachdaire Comannach Stalineach à Romàinia a bh' ann an Gheorghe Gheorghiu-Dej (IPA: ˈɡe̯orɡe ɡe̯orˈɡi.u ˈdeʒ, ainm-baistidh Gheorghe Gheorghiu, Bârlad, 1 an t-Samhain 1901 - Bucharest, 19 am Màrt 1965). Bhuinneadh e do theaghlach Ortodogsach Clas-obrach - bha athair na obraiche. B' fheudar do Gheorghiu-Dej an sgoil fhàgail nuair a bha e dìreach 11 a dh'aois, leis cho bochd 's a bha a teaghlach. Ghabh e ann an Aonadh-ciùird agus, ann an 1920, bha e an sàs ann an Strailc coitcheann. Chuir e seachadh na 30an a' cur air dòigh strailichean, ag iomairt às leth a' Phàirtidh Chomunnaich Romàinia agus a' dol a-mach 's a-steach dhan phrìosain air adhbharan poiliteagach. Nuair a thòisich An Dàrna Cogadh bha e air a phrìosanachadh ann an campa-prìosain le Riaghaltas Faisisteach Ion Antonescu ach b' fheudar dha theiche ann an 1944. An dèidh phurgaid nan Iùdhach às a' Phàrtiadh ann an 1952, chaidh ainmeachadh ceann-suidhe. Bha e gu math dlùth air Stalin agus chuir e an gnìomh polasaidhean Stalineachd mar cho-shealbhadh àiteachais agus gnìomhachasadh luath. Chaochail e le aillse-sgamhain ann an 1965. B' e a dheagh charaid Nicolae Ceauşescu a bh' ann iar-theachdaire. Chreideadh Gheorghiu-Dej gum bu chòir do ghach uile ar-a-mach agus atharrachadh poiliteagach a bhith fo stiùir mion-chuid Stalinich proifeiseanta, an treabh dham buinneadh esan fhèin.


© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search