B' e neach-poileataigs à Glaschu a bha ann an Arthur Henderson. Bha e na cheannard a' Phàrtaidh Làbarach trì turas, na Rùnaire nan Dùthchannan Cèin fo Ramsay MacDonald agus bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe ann an 1934.
Rugadh e ann an Glaschu 13 an t-Sultain 1863 is thòisich e ag obair nuair a bhàsaich athair agus cha robh e ach 9 bliadhna a dh'aois. Chaidh a thaghadh mar chomhairliche anns a' Chaisteil Nuadh ann an 1892. Dh'imrich e agus a theaghlach do Dharlington agus chaidh a thaghadh mar chiad mhèar Làbarach a' bhaile, agus mar bhall Pàrlamaid airson Barnard Castle ann an 1903.
Bha e cuideachd na chiad mhinistear Làbarach anns a' Chaibineit, fo Herbert Asquith agus David Lloyd George, mar cheann-suidhe Bòrd Fhoghlaim, Àrd-phàigh-mhaighstir agus mar Mhinistear gun cùram-roinne. Thill e don Chaibineit fo Ramsay MacDonald ann an 1924 mar Rùnaire na Dùthcha agus a-rithist ann an 1929 mar Rùnaire nan Dùthchannan Cèin. Rinn e iomairt aig Lìg nan Nàiseanan airson dì-armachadh agus mar sin bhuannaich e an Duais Nobel airson Sìthe. Chaochail e 20 an Dàmhair 1935.[1]
© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search