Johann von Lamont

Johann von Lamont
Beatha
Breith Bràigh Mhàrr, 13 dhen Dùbhlachd 1805
Dùthaich  Alba
Bàs Bogenhausen (en) Translate, 6 dhen Lùnastal 1879
Àite-adhlacaidh Bogenhausener Friedhof (en) Translate
Foghlam
Oileanaich dotaireachd Philipp Carl (en) Translate
Cànain Gearmailtis
Dreuchd
Dreuchd fiosaigiche, reul-eòlaiche, einnseanair agus neach-teagaisg oilthigh
Fastaichean Oilthigh Ludwig Maximilian ann am Munich
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Comann Rìoghail
Acadamh Ghearmailteach nan Saidheansan Leopoldina
Acadamh Bhavarianach nan Saidheansan is Daonnachdan
Far-ainmean Johann von Zach
Airson an neach-poileataigs a riochdaich na Crìochan ann am Pàrlamaid na h-Alba agus Westminster, faic John Lamont.

B' e reul-eòlaiche à Alba a bha ann an Johann von Lamont no Iain MacIlleDhuibh.[1]

Rugadh e ann am Bràigh Mhàrr ach chaochail athair nuair nach robh Iain ach 12 bliadhna a dh'aois is dh'imrich e gu manachain ann an Regensburg anns a' Bhaidhearn. Chaidh e na chuidiche aig amharc-lann ann am Bogenhausen faisg air München ann an 1823 agus mhaireadh e an sin airson 51 bliadhna. Dh'ionnsaich e reul-eòlas aig Oilthigh Mhünchen agus sgrìobh e a thràchdas an sin. Chaidh e na stiùiriche na h-amharc-lainn ann an 1835 agus na ollamh reul-eòlais aig an Oilthigh ann an 1852. Rannsaich e iùl-tharraing na Thalmhainn agus dh'àireamhaich e reul-chuairtean gealaichean Ùranais is gealaich Satairn. Rinn e meas air tomad Ùranais cuideachd le coimheadachdan air a ghealaichean.[2]

  1. MacIlleathain, Ruairidh: “Litir do Luchd-ionnsachaidh - Litir 435: Iain MacIlleDhuibh”. learngaelic.scot. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2020.
  2. Johann von Lamont”, Physics Today. 13mh dhen Dùbhlachd 2018. Air a thogail 11mh dhen Chèitean 2020. 

© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search