Lunnainn

Lunnainn

Suidheachadh
Dùthaich Sassainn
An Rìoghachd Aonaichte
Co-chomharran 51° 30′ 28″ Tuath
0° 7′ 41″ Iar
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 1,577.3 km²
Àireamh-shluaigh 7,355,400 (2006)
Dlùths 4,663.29/km²
Duilleag oifigeil www.London.gov.uk

'S e Lunnainn am prìomh-bhaile na Rìoghachd Aonaichte agus Sasainn. Tha e suidhichte anns an ear-dheas de Shasainn air an Abhainn Thames agus tha daoine air a bhith fuireach ann airson corr air dà mhìle bliadhna le mu 7 millean 'sa bhaile fhèin an diugh agus mu 6 millean eile mu chuairt air. 'S e Lunnainn aon de na bailtean is motha agus is ainmeil 'san t-saoghal. 'S e prìomh-bhaile ionmhasail na Roinn-Eòrpa a th' ann agus thèid iomadach cànan, dualchas, dream agus buidheann creideamh a lorg ann.

Tha iomadh taighean-tasgaidh ainmeil ann an Lunnainn: An Taigh-tasgaidh Breatunnach, Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdurrach, Taigh-tasgaidh Victoria agus Albert, Taigh-tasgaidh Chogaidh an Ìompaireachd agus barrachd.


© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search